Mar as trice, tha a h-uile duine ann an Alba air a riochdachadh le ochdnar BPA: fear air a thaghadh airson sgìre (Coille an Ear, mar eisimpleir) agus seachdnar air an taghadh airson roinn nas motha far a bheil iad a’ fuireach (mar eisimpleair, Alba an lar). Tha ochd roinnean ann an Alba.
Bidh Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) gad riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha 129 BPA ann a tha riochdachadh sgìrean-pàrlamaid agus roinnean-pàrlamaid air feadh na h-Alba. Tha 73 sgìrean ann agus 8 roinnean, le 7 BPA anns gach roinn.
Seo agaibh Buill Pàrlamaid na h-Alba airson nan sgìrean-pàrlamaid ann an roinn Ghlaschu::
Glaschu Fearann Anna
Bill Kidd BPA SNP
bill.kidd.msp@parliament.scot
Glaschu Cathcart
Seumas Ó Dornáin (Dornan) BPA SNP
james.dornan.msp@parliament.scot
Glaschu Ceilbhinn
Sandra NicIlleBhàin BPA SNP
sandra.white.msp@parliament.scot
Glaschu Maryhill agus Allt an Fhuarain
Bob Doris BPA SNP
bob.doris.msp@parliament.scot
Glaschu Pollaig
Humza Yousaf BPA SNP
humza.yousaf.msp@parliament.scot
Glaschu Provan
Ivan MacAoidh BPA SNP
ivan.mckee.msp@parliament.scot
Glaschu Baile Nighean Sheadna
Iain Mason BPA SNP
john.mason.msp@parliament.scot
Glaschu Taobh a Deas
Nicola Sturgeon BPA SNP
nicola.sturgeon.msp@parliament.scot
An Ruadh-Ghleann
Clare Ní Eachaidh (Haughey) BPA SNP
clare.haughey.msp@parliament.scot
Seo agaibh BPA roinneil airson Ghlaschu:
Glaschu
Pàdraig Harvie BPA Uaine
patrick.harvie.msp@parliament.scot
Glaschu
Seumas Ó Ceallaigh (Kelly) BPA Làbarach
james.kelly.msp@parliament.scot
Glaschu
Seonag NicLaomainn BPA Làbarach
johann.lamont.msp@parliament.scot
Glaschu
Pauline NicNèill BPA Làbarach
pauline.mcneill.msp@parliament.scot
Glaschu
Anas Sarwar BPA Làbarach
anas.sarwar.msp@parliament.scot
Glaschu
Adam Tomkins BPA Tòraidheach
adam.tomkins.msp@parliament.scot
Glaschu
Annie Wells BPA Tòraidheach
annie.wells.msp@parliament.scot
Pàrlamaid ann an Taigh an Ròid
Tha an togalach far a bheil Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Eideann. Bidh BPA a’ coinneachadh an sin gus obair ann an comataidhean, deasbadan a chumail agus gus ceistean a chur air Riaghaltus na h-Alba. Ma tha sibh airson tadhal air an togalach, gheibh sibh tiogaidean an-asgaidh airson deasbadan, àm nan Ceist agus comataidhean, no air làithean far nach bi obair na Pàrliamaid a’ dol, faodaidh sibh cuairt an-asgaidh a chur air dòigh gus ionnsachadh mu obair is togalach na Pàrliamaid.
Cuirbh fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail aig www.parliament.scot no fonaibh air 0131 348 5200.
Glaschu Sgirean-pàrlamaid
An Ruadh-Ghleann
Glaschu Baile Nighean Sheadna
Glaschu Cathcart
Glaschu Ceilbhinn
Glaschu Fearann Anna
Glaschu Maryhill agus Allt an
Fhuarain
Glaschu Pollaig
Glaschu Provan
Glaschu Taobh a Deas
Fìos mu Ghlaschu
‘S e Tùr Uisge Garthamlock an tùr as motha agus an dàrna tùr uisge as àirde ann am Breatainn. Gabhaidh e 4.5M liotair de dh’uisge (1,000,000 galan). Thogadh e eadar 1956-58 gus uisge a thoirt do thaigheadas poblach ùr a chaidh a chur suas le Comhairle Ghlaschu.
B’ e Lios Geamhraidh (Winter Garden) Pàirc Allt an Fhuarain an rud a bu mhotha de a sheòrsa ann an Alba agus e mu thuaiream 180 troigh a dh’fhaid agus 9060 troigh ceàrnagach de dh’fharsaingeachd. Bha e ann an droch stait sna 1980an agus a-nis tha pròiseact mhòr ùrachaidh a’ dol air adhart.
Chaidh Allt an Fhuarain a thogail air seachd cnuic (Cnoc Allt an Fhuarain, Keppochhill, Sighthill, Balgrayhill, Petershill, Cnoc an t-Sabhail agus Stobhill). ‘S e mullach Cnoc Allt an Fhuarain an t-àite as àirde ann an Glaschu.
Tha Ìomhaigh an Eich Mhòir ri taobh rathad an M8 4.5 meatair a dh’àirde aig a’ cheann agus tha e dèanta de ghadan cruinn stàillin galbhanaichte.
Tha Caisteal Crookston nis na làrach sgriosta ach chìthear fhathast an dòigh neo-àbhaisteach san deach a thogail – tùr ceàrnagach sa mheadhan agus ceithir tùir le h-oiseanan ceàrnagach.
Tha Doire nam Fosail ann am Pàirc Bhictòria. Nochd fosailean nan craobh nuair a bhathar ri obair air uachdar na pàirce. ’S iad bunan nan craobh na tha air fhàgail de choille àrsaidh a tha mu 330m bliadhna a dh’aois. Aig an àm ’s a bha na craobhan seo beò, bha clìomaid Ghlaschu teth, tais is smùideach. Dh’fhàs na craobhan ann am boglach tropaigeach, coltach ri Everglades Florida an latha an-diugh.
Chan eil Crann Finnieston ga cleachdadh tuilleadh ach chaidh a chleachdadh gus ùidheamachd fìor mhòr a luchdachadh air bàtaichean a rachadh an sàs an obair às-mhalairt air feadh an t-saoghail. Tha e air aon de cheathair dhiubh a chìthear air Abhainn Chluaidh. Thathar am beachd nach eil ach aona deug de chrainn mar seo air fhàgail san t-saoghal.
Comharraidhean-tìre sònraichte Glaschu
Abhainn Chluaidh; Caisteal Crookston; Cearnag Sheòrais; Crann Finnieston; Doire nam Fosail ann am Pàirc Bhictòria; An Drochaid Cham; Flataichean an Red Road; Ìomhaigh an Eich Mhòir ri taobh rathad an M8; Ionad Dhaibhidh Livingstone, Blantaidhr; Ionad an t-Saidheans agus Tùr Ghlaschu; Kelvingrove; Lios Geamhraidh (Winter Garden) Pàirc Allt an Fhuarain, Stèideam Hampden; Pàlas a’ Phobaill is na Liosan Geamraidh; Rèidhlean Ghlaschu; Taigh an Art Lover; Tùr Uisge Garthamlock; Talla a’ Bhalla, Cnoc Màiri; An Toll-bùtha